Ceumnaiche Gàidhlig sònraichte a’ buannachadh tiotal Oileanach na Bliadhna

Tha ceumnaiche a chuir crìoch air ceum le urram a dh’aindeoin a bhith a’ fulang le droch shuidheachadh meidigeach, air a h-ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna 2017 aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Choisinn Hannah NicDhiarmaid (22) ceum BA (le Urram) ann an cànan is cultar na Gàidhlig agus i a’ dèiligeadh le cystic fibrosis, tinneas buan cuibhreachail a tha a’ toirt buaidh air na sgamhanan agus air an t-siostam cnàmhaidh. Clàraichte mar oileanach ag ionnsachadh air astar aig Sabhal Mòr Ostaig , chrìochnaich i a ceum bho a dachaigh ann an Torbhaig, Port Rìgh, san Eilean Sgìtheanach.
 
Chaidh Hannah ainmeachadh airson na duais seo le stiùiriche a’ phrògraim aice, Mark Wringe. Mhìnich esan: “Mar stiùiriche a’ phrògraim agus òraidiche cuid de na modalan aig Hannah, chan fhaca mise ach oileanach comasach a bha gu cunbhalach a’ cur a-steach a  h-obair ann an àm, a bha an-còmhnaidh ullaichte airson clasaichean agus a choilean deagh thoraidhean. Bha i a’ com-pàirteachadh ann an deasbadan sa chlas agus a’ freagairt cheistean le susbaint, gun a bhith a’ tarraing aire thuice fhèin. Bha i dìreach a’ dèanamh a dìchill.
 
“Nuair a nochd i an toiseach air ceangal bhidio bho a leabaidh san ospadal, chùm i a’ dol ann an dòigh cho gnothaicheil agus cho nàdarra, agus gun do ghuidh mi soirbheachadh dhi gun cheist sam bith a chur oirre. Lean mi i ann a bhith a’ cumail air adhart ann an dòigh àbhaisteach, gun a bhith a’ faireachdainn gun robh còir aice fiosrachadh a thoirt dhomh. ’S ann dìreach o chionn ghoirid a tha mi air beachd fhaotainn air an oidhirp a dh’fheumadh Hannah a dhèanamh airson turas oileanaich àbhaisteach a bhith aice gun stad sam bith. Tha làn spèis agam do a miann air a ceann-uidhe a choileanadh air an aon bhunait ris gach neach eile. Tha e iorònach gun robh a gnìomhadh earbsach cunbhalach mar nì sam bith eile ach àbhaisteach.”
 
Is i Lesley Blaikie, banaltram a tha speisealaichte ann an cystic fibrosis le NHS na Gàidhealtachd, aon den sgioba mheidigeach a bhios a’ toirt cùram do Hannah. Thuirt i: “Mar bhanaltram aig a bheil làn eòlais, cha tàinig mi a-riamh tarsainn air boireannach òg a tha cho brosnachail rithe. A dh’aindeoin a bhith a’ strì gun stad ri sgìths gun lasachadh agus droch shlàinte,  chuir Hannah a cuid ionnsachaidh an-còmhnaidh air thoiseach. Cha do chuir fiù ùine san ospadal bacadh oirre. Chuireadh i a-mach a leabhraichean air an leabaidh agus bhiodh a laptop aice ri làimh airson seiseanan air astar. Cha robh an seòrsa diongmhaltas seo air a chall air an sgioba-obrach mheidigich. Tha e air a bhith na adhbhar irioslachaidh dhuinn uile a bhith a’ faicinn nach eil am boireannach òg seo air leigeil le droch shlàinte sònrachadh cò i.”
 
A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Hanna: “Roghnaich mi Gàidhlig a sgrùdadh oir tha ùidh agam ann an cànanan, agus an dèidh beagan ionnsachadh san sgoil bha mi airson cumail air adhart agus tuilleadh ionnsachadh mun chultar cuideachd. ’S e urram a th’ ann an duais seo fhaighinn, gu h-àraid agus gun mi air mo thogail le Gàidhlig, agus bidh mi gu bràth taingeil do gach neach aig Sabhal Mòr Ostaig , aig an taigh agus sgioba an cystic fibrosis, airson an taic choibhneil agus am misneachadh, a bha cho prìseil dhomh.”
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Chaidh Hannah a thaghadh gu h-aon-ghuthach mar oileanach na bliadhna leis na riochdairean uile air a’  phannal breithneachaidh againn. Tha a diongmhaltas agus a dìcheall a dh’aindeoin suidheachadh pearsanta dùbhlanach air a bhith gun choimeas, a’ taisbeanadh na ghabhas a choileanadh nuair a chuireas tu romhad e. Tha mi air leth toilichte gu bheil Hannah air ceum le urram a chosnadh ann an cuspair mu bheil i a’ faireachdainn cho làidir agus tha mi a’ guidhe dhi gach soirbheachadh san àm ri teachd.”
 
Fhuair Hannah teisteanas agus seic airson £200 nota aig seirbheis ceumnachaidh Sabhal Mòr Ostaig air Dihaoine 6 Dàmhair. A-nis, on tha i air crìoch a chur air a ceum acadaimigeach, tha i an dòchas leantainn air adhart ag ionnsachadh mun Ghàidhlig agus ga cleachdadh cho tric ’s as urrainn dhi.